An Dùsgadh Dàlach
Na staid suaineach, b’ fhada an creutair mòr dà-chlachach a’ mothachadh na thachair. Mu dheireadh thall, bha buille nan nèarbhan air a h-eanchainn faoi gheilt a ruigsinn leis an teachdaireachd uamhasach: gun deach’ a sròn a ghearradh gu tur dheth.
A’ mosgladh gu h-obann, leum i chun a spògan le gaoir cràidhte a chualas bhon a’ Mhuir Mheadhanach gu ruige A’ Mhuir Dhearg, a’ cur aognaidheachd ann an cridhe na h-uile a chuala e. Ruith gaineamh mar eas thar a cliathaich ‘s i a’ tionndadh ‘s a’ leum le gràs àlainn nan cat thar a’ bhior-stùc a b’ fhaisge, a’ dol à sealladh ann an teas ceòthach Fàsach an Sahara.
A’ Chrìoch.
Eadar-theangachadh / Translation: Niall Gordan
No comments:
Post a Comment