Friday, January 30, 2009

Friday Flash Fiction: Air Bhog

This week, Friday Flash Fiction goes Gaelic again, with a translation by Niall Gordan of Launch


Air Bhog


Chrith an rùchdail an talamh fad is farsaing. Bha i cho ìseal an toiseach ‘s gum fairichear i seach a chluinntinn. Dh’ fhàs i gu ìre ‘s nach gabhadh a fulang cha mhòr.

Le sgal mòr faochaidh, thilg an Gralbh, bèist a bha cho tomadach ‘s gur gann a ghluaiseadh e, smugaid gu h-àrd san àile. Chaidh a tilgeil le uiread neart ‘s gun do ruig i astar-teichidh gu luath ‘s gun deachaidh i steach gu cuairt-rèil ìseal mun a’ phlanaid Òirdia.

Air am pasgadh taobh a-staigh dhith, air an dìon bho neart an luathais leis an
sglaidhp bhog, bha dithisd fhear mar gum biodh air bhog gu ciùin san àile.

Bha iad dìreach air tighinn gu bhith mar chiad seòladairean-fànais am planaid.


A’ Chrìoch.

No comments: